Tha am brath-ullachaidh seo a’ toirt taic do Bhuill ann a bhith a’ beachdachadh air Bile nan Cànan Albannach aig Ìre 3. Tha am brath-ullachaidh a’ toirt geàrr-chunntas air ullachaidhean a’ Bhile mar a chaidh a thoirt a-steach, cuid de na prìomh dheasbadan aig Ìre 1, mar a chaidh am Bile atharrachadh aig Ìre 2, agus grunn leasachaidhean eile bho chaidh am Bile a thoirt a-steach.
Chaidh Bile nan CĂ nan Albannach a thoirt a-steach don PhĂ rlamaid air 29 Samhain 2023. Chaidh brath-ullachaidh SPICe air a' Bhile fhoillseachadh ro bheachdachadh aig ĂŚre 1.
Tha am Bile ann an dà phà irt shusbainteach a’ dèiligeadh ri ullachaidhean co-cheangailte ri Gà idhlig agus Scots. Anns an dà phà irt sin tha Caibideilean a’ buntainn ri taic do na cà nanan agus foghlam.
Tha Pà irt 1 – Caibideil 1 den Bhile mu thaic don Ghà idhlig agus tha na h-ullachaidhean sa chaibideil a’ gabhail a-steach:
inbhe oifigeil don GhĂ idhlig ann an Alba
gnìomhan Bòrd na Gà idhlig atharrachadh
cumhachd a chruthachadh gus sgìrean ainmeachadh mar “sgìrean cà nain sònraichte”
dleastanas air Riaghaltas na h-Alba Ro-innleachd Nà iseanta Gà idhlig ullachadh, a thèid an à ite nam Planaichean Nà iseanta Gà idhlig
barrachd chumhachdan a thoirt do Mhinistearan na h-Alba (an Riaghaltas) a thaobh dleastanasan a chur air buidhnean poblach gus a’ Ghà idhlig adhartachadh, a chuideachadh agus taic a thoirt dhi.
Tha Pà irt 1 – Caibideil 2 den Bhile mu fhoghlam Gà idhlig agus tha na h-ullachaidhean sa chaibideil a’ gabhail a-steach:
iarraidh air Ministearan na h-Alba foghlam GĂ idhlig a chur air adhart
cumhachd a thoirt do Mhinistearan le h-Alba inbhean a shuidheachadh agus stiĂąireadh ullachadh airson Ăąghdarrasan ionadail a thaobh foghlam GĂ idhlig
am mìneachaidh reachdail air foghlam sgoile atharrachadh
iarraidh air Ăąghdarrasan ionadail foghlam GĂ idhlig a chur air adhart
diofar atharrachaidhean eile co-cheangailte ri Fòghlam tro Mheadhan na Gà idhlig a dhèanamh a’ gabhail a-steach pròiseas airson pà rantan a bhith ag iarraidh Trà th-ionnsachadh agus Cùram-cloinne tro Mheadhan na Gà idhlig.
Pà irt 2 – Tha Caibideil 1 mu thaic do Scots. Am measg nan ullachaidhean anns a’ chaibideil tha:
inbhe oifigeil a bhith aig Scots ann an Alba
iarraidh air Ministearan na h-Alba ro-innleachd Scots a chruthachadh agus aithris a thoirt air adhartas sam bith;
ullachadh gus an urrainn do Mhinistearan na h-Alba stiĂąireadh a dheasachadh do bhuidhnean poblach a thaobh adhartachadh agus taic do Scots agus do leasachadh cultar na Scots.
Pà irt 2 – Tha Caibideil 2 mu fhoghlam sgoile a thaobh Scots. Tha seo a’ gabhail a-steach ullachaidhean a bhiodh:
a’ toirt air Ministearan na h-Alba foghlam Scots a bhrosnachadh agus taic a thoirt dha ann an sgoiltean
leigeil le Ministearan na h-Alba stiĂąireadh ullachadh agus inbhean a shuidheachadh do dh'Ăąghdarrasan ionadail co-cheangailte ri foghlam Scots ann an sgoiltean.
S i a’ phrìomh Chomataidh aig Ìre 1 den Bhile a' Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga a thug aithisg a-mach air 24 Iuchar 2024.
Rinn Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich sgrùdadh air a' Mheòrachan Ionmhais agus conaltradh le Riaghaltas na h-Alba agus a' phrìomh Chomataidh. Uile gu lèir, thathas a’ meas gun cosg am Bile timcheall air £700,000 thairis air còig bliadhna. Tha a’ mhòr-chuid den mhaoineachadh seo na obair a bharrachd dha na seirbheisich phoblach a th’ ann mar-thà . Bhiodh seo, mar eisimpleir, a’ cur ri ro-innleachdan nà iseanta. Dh'fhaighnich Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich an adhbhraicheadh ullachaidhean a' Bhile cosgaisean eile a bharrachd no atharrachadh bhuidseatan.
Dh'fhoillsich a' Chomataidh Chumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha an aithisg aca air a' Bhile air 23 Giblean 2024.
Chaidh aithisg ĂŚre 1 na Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Ă’ga fhoillseachadh air 24 Iuchar 2024. Thuirt co-dhĂąnadh na Comataidh:
Tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near gur e amasan a’ Bhile taic agus brosnachadh na Gà idhlig agus Scots a neartachadh. Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh an luach shamhlachail a th' aig inbhe oifigeil a thoirt do na cà nanan, agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig ceumannan sa Bhile co-cheangailte ri foghlam, stiùireadh agus inbhean. Ach, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt fa-near dùbhlain a thaobh ghoireasan airson na ceumannan sin a lìbhrigeadh agus mì-chinnt mu na bhios ann an stiùireadh agus inbhean. Tha dragh air a’ Chomataidh cuideachd mu mhìneachaidhean air Scots agus mar a thèid dèiligeadh ri eadar-dhealachaidhean.
Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic do phrionnsapalan coitcheann a’ Bhile, sin, "tuilleadh taic a thoirt do chà nanan dùthchasach na h-Alba, a’ Ghà idhlig agus Scots'’; ach chan eil iad den bheachd, leis fhèin, gun cruthaich am Bile na suidheachaidhean riatanach gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha mu choinneamh na Gà idhlig no gus an taic agus an dìon a tha a dhìth a thoirt don Ghà idhlig agus do na cà nanan is dual-chainntean a thig fon ainm Scots. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum feum Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh na tha air a mhìneachadh sa Bhile ma tha iad gu bhith a’ coileanadh an amasan gus taic èifeachdach a thoirt do na cà nanan agus na dual-chainntean sin agus ma tha am Bile gu bhith a’ dèanamh eadar-dhealachadh brìoghmhor sam bith seach dìreach a bhith samhlachail.
Tha dragh air a’ Chomataidh mun dìth soilleireachd sa Bhile, gu h-à raidh a thaobh dè na dleastanasan a chuireas na ro-innleachdan, inbhean agus stiùireadh, a thèid a chruthachadh a rèir a’ Bhile, air buidhnean poblach, agus na cosgaisean co-cheangailte ri bhith a’ coileanadh nan dleastanasan sin. Bidh na cosgaisean sin gu sònraichte dùbhlanach leis gu bheil mòran chuideaman eadar-dhealaichte air buidseatan ùghdarrasan ionadail an-drà sta. Tha a’ Chomataidh an dùil ris an t-soilleireachd a tha a dhìth fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, ro Ìre 2 aig a’ char as fhaide.
Fhreagair Riaghaltas na h-Alba a' Chomataidh air 10 Sultain 2024.
Thachair deasbad ĂŚre 1 air 17 Sultain 2024.
Anns an òraid fosglaidh aice san deasbad, mhìnich an Leas-phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Eaconamaidh is Gà idhlig, Ceit Fhoirbeis BPA, co-theacsa a’ Bhile ann an deicheadan de thaic aig ìre coimhearsnachd is poileasaidh airson na Gà idhlig agus Scots.
Thuirt iomadh Ball san deasbad nach toireadh am Bile leis fhèin no mar a chaidh a thoirt a-steach taic do na builean ris am biodh dùil ann a bhith a’ toirt taic don Ghà idhlig agus Scots. Thuirt an Leas-phrìomh Ministear gun robhar a’ toirt air adhart am Bile:
Leis an tuigse nach toir am bile fhèin freagairt dhuinn airson gach ceist. Bidh am bile a’ cur taic ri iomairtean a tha gan cur an sàs aig ìre an Riaghaltais, nan ùghdarrasan poblach agus na coimhearsnachd. Tha feum orra uile agus gu tric thig adhartas mar thoradh air coimhearsnachdan is ùghdarrasan a bhith ag obair còmhla gus structairean cudromach a chur air bhonn a bheir cothrom do dhaoine na h-iomairtean seo a chur an sà s.
Scottish Parliament. (2024, September 17). Official Report, Col 16. Retrieved from /api/sitecore/CustomMedia/OfficialReport?meetingId=15995
Thuirt an Leas-phrìomh Ministear gun robh an Riaghaltas airson ullachaidhean a' Bhile a neartachadh tro atharrachaidhean aig Ìre 2. Thog i air mar a tha barrachd choimhearsnachdan an sàs anns a’ phròiseas airson à iteachan ainmeachadh mar Sgìrean Cà nain Sònraichte agus thuirt i gun robh i a’ beachdachadh air “còir air sgoiltean là n-Ghà idhlig fa leth” (Col 16) fhaighinn.
A' bruidhinn air a' Ghà idhlig, mhìnich an Leas-phrìomh Mhinistear cò ris a bhiodh soirbheachas coltach. Thuirt i:
S e a’ chiad chomharra a bhios againn air soirbheachadh, ma bhios cothrom aig cuideigin, a tha fileanta ann an Gà idhlig an-drà sta, a’ bheatha air fad aca a chur seachad tro mheadhan na Gà idhlig san sgìre ionadail aca. An dà rna comharra, ma bhios sinn, aig à m an ath chunntais-shluaigh, air stad a chur air a’ chrìonadh a tha air tighinn air à ireamhan luchd-labhairt na Gà idhlig sna sgìrean traidiseanta – na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach agus coimhearsnachdan eile sna h-eileanan agus air a’ chosta.
Scottish Parliament. (2024, September 17). Official Report, Col 16. Retrieved from /api/sitecore/CustomMedia/OfficialReport?meetingId=15995
Dh’aontaich Pà rlamaid na h-Alba ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile.
Ro Ìre 2, sgrìobh Riaghaltas na h-Alba chun na prìomh Chomataidh a-rithist agus mhìnich iad na freagairtean aca do chuid de na gearanan nas fharsainge air a’ Bhile a bharrachd air na h-amasan tùsail aca airson atharrachaidhean a chur a-steach aig Ìre 2. Thug seo fa-near gur e rùn a’ Bhile cumail a’ cuimseachadh air ceumannan practaigeach gus taic a thoirt don Ghà idhlig an dà chuid gu nà iseanta agus gu sònraichte ann an sgìrean far a bheil Gà idhlig nas cumanta.
Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear nach robh an Riaghaltas air a bhith an dùil leudachadh air a' mhìneachadh air Scots sa Bhile gus iomradh sònraichte a thoirt air dualchainntean no cà nanan roinneil, ach gum beachdaicheadh iad air seo tuilleadh.
Chomharraich an litir cuideachd raointean far an robh an Leas-phrìomh Mhinistear air iarraidh air oifigich molaidhean a dhèanamh airson atharrachaidhean:
ullachadh airson beachdan coimhearsnachd a ghabhail air comharrachadh sgìrean cà nain sònraichte
liostadh nan roinnean farsaing de ghnìomhachd ris am faod luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig a bhith an dùil ann an Sgìrean Cà nain Sònraichte
liostadh nan roinnean farsaing a bhios air an gabhail a-steach ann an Inbhean agus Ro-innleachd na GĂ idhlig agus air am feum Ăąghdarrasan poblach Albannach beachdachadh
cumail taic ri agus suidheachadh fòcas gnìomhachd oifigearan leasachaidh na Gà idhlig
ullachadh gum bi an Ro-innleachd GhĂ idhlig a' gabhail a-steach builean agus targaidean
dèanamh cinnteach gu bheil e mar dhleastanas air Bòrd na Gà idhlig agus ùghdarrasan poblach diofar ghnìomhan leasachadh coimhearsnachd a chuideachadh
leudachadh a’ phrionnsapail gu bheil spèis cho-ionann aig a’ Ghà idhlig agus a’ Bheurla gu earrannan eile den Bhile
taic do sgoiltean lĂ n-GhĂ idhlig fa leth
dèiligeadh ri draghan mu chleachdadh an fhacail Scots agus a’ toirt aithne do chruthan is atharrachaidhean roinneil.
Bheachdaich a' Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Ă’ga air 97 atharrachadh aig ĂŚre 2 air 11 DĂąbhlachd 2024. Tha na leanas na gheĂ rr-chunntas den bheachdachadh air cuid de na h-atharrachaidhean a chaidh a mholadh.
Chuir Ross Greer BPA grunn atharrachaidhean a-steach gus am prionnsapal de "spèis co-ionann ris a' Bheurla" a thaobh na Gà idhlig agus Scots a chur air aghaidh a' Bhile. Tha seo a’ nochdadh cà nan earrainn 1 de dh’Achd na Gà idhlig (Alba) 2005. Chaidh aontachadh ris na h-atharrachaidhean sin uile ach a dhà ; Cha do ghluais Mgr Greer dà atharrachadh a bhiodh air a' phrionnsapal seo a chur an sàs anns na h-earrannan a' dèanamh Gà idhlig agus Scots nan cà nanan oifigeil na h-Alba. Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gum faodadh “cion soilleireachd a bhith ann mu bhuaidh laghail nan aithrisean air inbhe oifigeil” nan cuirear am prionnsapal an sàs anns na h-earrannan air inbhe oifigeil. Thuirt i gun robh e na b' fheà rr am prionnsapal a chur an sàs ann an dleastanasan sònraichte a tha air am mìneachadh sa Bhile.
Chaidh atharrachaidhean a chur a-steach co-cheangailte ris a’ phròiseas a bhith a’ comharrachadh sgìrean cà nain sònraichte (SCS) Chuir Riaghaltas na h-Alba a-steach atharrachadh mar a leanas: ma tha ùghdarras ionadail den bheachd gu bheil “à ireamh shusbainteach de dhaoine le sgilean Gà idhlig” anns an sgìre aca gu lèir no ann am pà irt dheth, a' roghnachadh gun a bhith a’ moladh a chomharrachadh mar SCS, feumaidh iad innse carson. Chuir an Riaghaltas a-steach atharrachadh cuideachd gus cumhachd a thoirt do Bhòrd na Gà idhlig iarraidh air ùghdarras ionadail beachdachadh air sgìre ainmeachadh mar SCS. Chaidh aontachadh ri atharrachaidhean an Riaghaltais.
Chuir Pam Duncan-Glancy BPA atharrachaidhean a-steach gus a bhith a’ toirt a-steach comhairlean coimhearsnachd agus “daoine eile a tha an t-ùghdarras ionadail a’ meas a tha a’ riochdachadh choimhearsnachdan” mar chomhairlichean reachdail sa phròiseas sònrachaidh. Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gun robh am Bile mar-thà a' ceadachadh co-chomhairle a chumail ri comhairlean coimhearsnachd ach gum faodadh suidheachadh èirigh far nach biodh comhairlean coimhearsnachd "neo-gnìomhach". Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gun robh i taiceil don phrionnsapal ge-tà agus thug i cuireadh dha Pam Duncan-Glancy BPA a bhith ag obair leis an Riaghaltas air atharrachaidhean gus conaltradh coimhearsnachd sa phròiseas seo a neartachadh tuilleadh ro Ìre 3. Dh'aontaich Pam Duncan-Glancy BPA agus cha tug i na h-atharrachaidhean na b’ fhaide.
Chuir dithis Bhall atharrachaidhean a-steach a thaobh adhartas a thomhas ann an taic don Ghà idhlig. Chuir Mìcheal Marra BPA atharrachadh a-steach a chuireadh dleastanas air Ministearan targaidean reachdail a mhìneachadh ann an riaghailtean, agus dleastanas a bhith ag aithris “air cùisean co-cheangailte ris a’ Ghà idhlig”. Chuir Ross Greer BPA atharrachaidhean a-steach a dhèanadh cinnteach gum biodh mion-fhiosrachadh anns an Ro-innleachd Ghà idhlig air mar a thèid adhartas a thomhas. Bha deasbad anns a’ Chomataidh air dè cho ro-òrdachail ’s a bu chòir don Bhile a bhith air na targaidean airson suidheachadh na Gà idhlig ann an Alba a leasachadh agus nà dar nan targaidean sin (m.e. ionadail no nà iseanta agus à ireamh luchd-labhairt no comharraidhean nas fharsainge). Gheall an Leas-phrìomh Mhinistear a bhith ag obair còmhla ri Mìcheal Marra BPA gus coimhead ri “atharrachadh ìre 3 a bheir air an Riaghaltas targaidean a stèidheachadh”. Cha tug Mìcheal Marra BPA na h-atharrachaidhean aige na b’ fhaide; chaidh aontachadh ri atharrachaidhean Ross Greer BPA.
Chuir Ross Greer BPA atharrachadh a-steach airson cumhachd a thoirt do Mhinistearan na h-Alba òrdughan a dhèanamh gus toirt air ùghdarrasan poblach dleastanasan sam bith fo Achd 2005 a choileanadh (mar a chaidh atharrachadh leis a’ Bhile seo). Chaidh aontachadh ri seo.
Chuir Riaghaltas na h-Alba agus Mìcheal Marra BPA atharrachaidhean a-steach leis an rùn an dà ta a tha ri fhaighinn a leasachadh. Bhiodh atharrachadh Mhìcheil Marra BPA air dleastanas a chur air Riaghaltas na h-Alba aithris a dhèanamh air à ireamh luchd-labhairt na Gà idhlig ann an Alba gach dà bhliadhna. Bha deasbad ann mu atharrachaidhean Mhìcheil Marra BPA a thaobh nà dar nan seòrsaichean dà ta a b’ fheà rr a chruinneachadh. Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear gun robh i fosgailte, ro Ìre 3, coimhead ri atharrachaidhean gus dleastanasan an Riaghaltais a neartachadh a bhith ag aithris don Phà rlamaid, gu h-à raid “air adhartas anns na sgìrean cà nain sònraichte". Cha tug Mìcheal Marra BPA na h-atharrachaidhean aige na b’ fhaide. Chuir Riaghaltas na h-Alba atharrachaidhean a-steach gus cumhachdan a thoirt do Mhinistearan rannsachadh a dhèanamh agus dà ta a chruinneachadh air Scots agus Gà idhlig. Chaidh aontachadh riutha sin.
Chuir Ross Greer BPA atharrachaidhean a-steach gus taic a thoirt do dh’eadar-theangachadh phà ipearan le Foghlam Alba gu Scots is Gà idhlig. Chuir Pam Duncan-Glancy BPA atharrachadh a-steach gus dleastanas a chur air an SQA gus “stuthan a dhealbh an t-ùghdarras airson sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gà idhlig a bhith air eadar-theangachadh gu Gà idhlig”. Bha an Leas-phrìomh Mhinistear a’ tuigsinn nan rùintean air cùl nan atharrachaidhean sin ach thuirt i gum feumadh an sgrìobhadh a bhith teann; thuirt i gum biodh an Riaghaltas dualtach “taic a thoirt do dh’atharrachaidhean aig ìre 3 mas iad, gu bunaiteach, [na h-atharrachaidhean sin] le beagan ath-sgrìobhaidh." Air an stèidh seo, cha tug Ross Greer BPA no Pam Duncan-Glancy BPA na h-atharrachaidhean sin na b’ fhaide.
Bha dà atharrachadh susbainteach ann an co-cheangal ri dleastanasan ùghdarrasan ionadail fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a thaobh beachdachadh air iarrtasan airson foghlam Gà idhlig. Thug Riaghaltas na h-Alba atharrachaidhean a-steach gus pròiseas a chruthachadh airson ùghdarrasan ionadail beachdachadh air iarrtasan airson sgoiltean là n-Ghà idhlig a stèidheachadh. Dh’aontaich a’ Chomataidh ris an atharrachadh seo.
Tha pròiseas dà ìre ann an Achd 2016 an-drà sta airson ùghdarrasan ionadail gus measadh a dhèanamh air an fheum air foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gà idhlig. Chuir Miles Briggs BPA atharrachaidhean a-steach airson am pròiseas seo a sgioblachadh gu measadh aon-ìre. Thuirt an Leas-phrìomh Ministear gun robh i a' tuigsinn "a' bheachd a bha air cùl nan atharrachaidhean" agus gum bu toil leatha "tuilleadh beachdachaidh a thoirt air a' chùis, ann an co-chomhairle le Mgr Briggs, gus dèanamh cinnteach gun obraicheadh an dreachdadh ann an dòigh theicnigeach agus gun leasaicheadh e an suidheachadh airson phà rantan, daoine òga agus a h-uile duine a tha an sàs ann an lìbhrigeadh FtG”. Cha tug Miles Briggs BPA na h-atharrachaidhean na b’ fhaide.
Chuir Willie Rennie BPA agus Ross Greer BPA atharrachaidhean a-steach a thaobh inbhe agus neo-eisimeileachd Sabhal Mòr Ostaig. B' e am prìomh eadar-dhealachadh gun do mhol atharrachadh Ross Greer BPA gun rannsaicheadh an Riaghaltas am bu chòir Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh na bhuidheann foghlam à rd-ìre neo-eisimeileach. Chuireadh atharrachadh Willie Rennie BPA dleastanas air Ministearan “leasachadh Shabhal Mòr Ostaig a bhrosnachadh agus a chuideachadh mar ionad speisealta beag le cumhachdan ceuman a bhuileachadh”. Bha an Leas-phrìomh Mhinistear a’ tuigsinn rùn an dithis bhall agus thuirt i gun robh an Riaghaltas a' cur taic ri atharrachadh Ross Greer BPA agus, aig an ìre seo, nach cuireadh iad an aghaidh atharrachadh Willie Rennie BPA. Dh’aontaich a’ Chomataidh ri atharrachadh Ross Greer BPA agus, às dèidh bhòt far an do sheachain Buill Pà rtaidh Nà iseanta na h-Alba bhòtadh, dh’aontaich iad ri atharrachadh Willie Rennie BPA cuideachd. Ged a tha an dà atharrachadh ag amas air an aon bhuil san fharsaingeachd, chan eil e soilleir am faodadh na dhà a bhith sa Bhile. Thuirt Ross Greer BPA “gur dòcha gum bi feum air beagan rèite a dhèanamh air a’ chùis aig ìre 3”.
Chuir Emma Harper BPA atharrachaidhean a-steach gus iomradh a thoirt air “na diofar dhualchainntean Scots a tha air an cleachdadh ann an diofar phà irtean de dh’Alba” a thaobh: amasan Ro-innleachd na Scots; adhbhar stiùireadh sam bith a thèid a chur gu ùghdarrasan poblach; agus a thaobh mar a bhios ùghdarrasan ionadail ag adhartachadh foghlam na Scots. Chaidh aontachadh ris na h-atharrachaidhean sin.
Bho chaidh am Bile a thoirt a-steach, chaidh toraidhean Cunntas-sluaigh 2022 air cleachdadh cà nain fhoillseachadh. A bharrachd air sin, tha an Riaghaltas air am freagairt fhoillseachadh do aithisg na Buidhne-obrach Gheà rr-ùinich air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghà idhlig.
Chaidh dà ta cunntas-sluaigh 2022 air cleachdadh Scots is Gà idhlig a ghabhail a-steach . Chaidh am fiosrachadh seo a sgaoileadh air 21 Cèitean 2024.
Airson Scots agus Gà idhlig, tha à rdachadh air a thighinn air an à ireamh dhaoine le sgilean sam bith sa chà nan, biodh e leughadh, sgrìobhadh, labhairt no èisteachd.
Mheudaich a’ cho-roinn de dhaoine ann an Alba a thuirt gun robh sgilean sam bith aca ann an Gà idhlig agus Scots eadar 2011 agus 2022.
Chaidh GĂ idhlig an-Ă irde bho 1.7% gu 2.5%
Chaidh Scots an-Ă irde bho 37.7% gu 46.2%.
Ann an 2011 bha 1.9 millean neach le sgilean ann an Scots; agus bha seo air a dhol an-Ă irde gu 2.4 millean ro 2022. Airson na GĂ idhlig, bha 87,000 neach le sgilean GĂ idhlig ann an 2011, bha seo air a dhol an-Ă irde gu 130,000 ro 2022.
Is e na h-Eileanan Siar fhathast an t-ùghdarras ionadail leis a’ chuibhreann as à irde de dhaoine le sgilean Gà idhlig. Bha 57% de luchd-còmhnaidh nas sine na 3 aig an robh sgilean Gà idhlig (i.e. measgachadh sam bith de thuigse, labhairt, leughadh no sgrìobhadh Gà idhlig). Ann an 2011, b’ i an à ireamh cho-fhreagarrach 61%.
A’ bruidhinn ris a' Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga, thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear:
Sheall [Cunntas-sluaigh 2022] gu bheil à rdachadh iomlan air a bhith ann an sgilean Gà idhlig. Tha sin mìorbhaileach agus bu chòir gà irdeachas a dhèanamh ris. Ach, airson a’ chiad uair, tha a’ Ghà idhlig a-nis air a bruidhinn le nas lugha na 50% de dhaoine anns na h-Eileanan an Iar, agus bu chòir sin a bhith na rabhadh a thaobh mar a tha sinn a’ toirt taic do choimhearsnachdan den leithid.
Scottish Parliament. (2024). Education, Children and Young People Committee, Official Report. Retrieved from /chamber-and-committees/official-report/search-what-was-said-in-parliament/ECYP-22-05-2024?meeting=15884&iob=135614#orscontributions_M5621E413P749C2592131
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun Chunntas-sluaigh ann am .
Bha ÂŁ5 millean a bharrachd ann am Buidseat na h-Alba 2025-26 gus taic a thoirt don GhĂ idhlig agus Scots.
Thuirt sgrìobhainn a’ Bhuidseit:
Seallaidh sinn ar dealas do Bhile nan Cà nan Albannach le bhith a’ cur maoineachadh san roinn an-à irde gu £30.5 millean, a’ togail air ceumannan là ithreach ann am foghlam, na h-ealain agus beatha coimhearsnachd agus poblach, agus a’ cur ri fàs in-ghabhalach, foghlam agus mealtainn còraichean cà nain do luchd-labhairt na Gà idhlig agus Scots.
Scottish Government. (2024). Scottish Budget 2025 to 2026. Retrieved from
Ann an 2022, stèidhich Ceit Fhoirbeis BPA, Rùnaire a’ Chaibineit aig an à m airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh (an SLWG). Bha obair na buidhne seo a’ cuimseachadh air feuchainn ris “a’ Ghà idhlig a neartachadh le fòcas air cothroman eaconamach agus an eaconamaidh a neartachadh le bhith a’ dèanamh an fheum as fheà rr de chothroman Gà idhlig”. Chaidh an SLWG a bharantachadh fo .
Thug an SLWG fa-near—
Chan urrainn sgaradh a dhèanamh eadar gnìomhan eaconamach is cultarail. Tha tachartasan cultarail a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba agus ri dà imh shòisealta choimhearsnachdan is cothroman cleachdaidh na Gà idhlig. Tha an canan gu sònraichte tarraingeach do dhaoine a tha tadhal air Alba is cuideachd a’ cur ris an eaconamaidh. A thaobh planadh cà nain, tha buaidh aig inbhe na Gà idhlig air a’ mhiann a th’ aig daoine gus Gà idhlig a chleachdadh. Gu tric ’s urrainn cothroman eaconamach is cur-seachadan sòisealta misneachd a thoirt do dhaoine sgilean Gà idhlig a thogail no barrachd feum a dhèanamh dhiubh.
Thug an SLWG fa-near an raon de dh’eadar-theachdan poileasaidh ach thuirt iad “Cha eil teagamh aig a’ bhuidhinn gu bheil Gà idhlig fhathast ann an suidheachadh fìor chugallach. Tha cruaidh fheum, am measg nam buidhnean as urrainn atharrachaidhean taiceil a thoirt gu buil, gun tèid èiginn an t-suidheachaidh aithneachadh gus a bhith cinnteach gun tèid cor a’ chà nain a ghlèidheadh san à m ri teachd.” Thuirt iad cuideachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba am maoineachadh dìreach airson leasachadh na Gà idhlig a mheudachadh “gus fàs eaconamach a bhrosnachadh is gus am bi buaidh na Gà idhlig cho mòr ’s as urrainnear a thaobh chùisean sòisealta is math dhaoine.”
Rinn an SLWG molaidhean fo raon farsaing de chinn, is iad sin:
sluagh agus bun-structair
roinn phoblach agus planaichean GĂ idhlig
coimhearsnachdan
foghlam
prìomh roinnean (a’ gabhail a-steach cùram sòisealta, gnìomhachasan cruthachail, cultar, dualchas, turasachd, spòrs, biadh is deoch, agus an à rainneachd nà darra).
Ged nach robh iad dìreach a’ cuimseachadh air a leithid, bha fòcas sònraichte aig an SLWG air “Prìomh Choimhearsnachdan Gà idhlig”, a mhìnich iad mar “an fheadhainn anns na h-Eileanan Siar, san Eilean Sgitheanach agus cuid de sgìrean Loch Aillse, Tiriodh, Ìle agus Diùra – à iteachan far an robh, ann an cunntas-sluaigh 2011, comasan Gà idhlig aig 20% no barrachd den t-sluagh”. Thuirt an SLWG—
Tha mòran de na dùbhlain mu choinneamh cleachdadh a’ chà nain ann am Prìomh Choimhearsnachdan Gà idhlig ceangailte ri tà ladh is glèidheadh sluaigh. Às aonais bun-structair leithid taigheadais iomchaidh is ceanglaichean còmhdhail anns an gabh earbsa a chur, is cuideachd comas-ceangail didseatach, chan urrainnear sluagh a ghlèidheadh no cur ri à ireamh an t-sluaigh. Tha seo na chunnart do sheasmhachd nan coimhearsnachdan ud is, air sgà th sin, na chunnart do Ghà idhlig mar chà nan coimhearsnachd.
Fhreagair air 22 Samhain 2024. Anns an ro-rà dh aice don fhreagairt, thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh is na Gà idhlig, Ceit Fhoirbeis BPA:
Tha Riaghaltas na h-Alba moiteil às mar a tha sinn a’ moladh iomairt nà iseanta airson na Gà idhlig stèidhichte air a’ phrionnsapal gum buin an cà nan dhan a h-uile duine againn. Ach tha e soilleir gum feum sinne agus ar luchd-ùidhe là n ealla a ghabhail ri cùisean sòisealta agus eaconamach an lùib ath-bheothachadh a' chà nain nuair a bhios sinn a’ cur phoileasaidhean Gà idhlig an sàs sna coimhearsnachdan a chaidh a chomharrachadh san aithisg seo. Tha am fiosrachadh agus na molaidhean aig a’ Bhuidhinn-obrach Gheà rr-ùine a’ toirt stiùireadh cudromach dhuinn air an obair a tha romhainn. ’S iad molaidhean na h-aithisge seo agus Bile nan Cà nan Albannach an dà phrìomh cheum a tha sinn a’ gabhail an-drà sta a thaobh phoileasaidhean na Gà idhlig.
Ghabh an Riaghaltas gu h-iomlan no ann am pà irt ri cha mhòr a h-uile moladh bhon SLWG. Thug freagairtean an Riaghaltais do mholaidhean iomradh air ullachaidhean a’ Bhile iomadh turas.